Gaelic language plan 2022 -2025

The Gaelic Language Plan Consultation ran for six weeks and closed at midnight on 27 February 2022.

What happened

The Gaelic Language Plan Consultation ran for six weeks and closed at midnight on 27 February 2022.

We asked for your thoughts earlier this year on our draft Gaelic Language Plan 2022-2025. The consultation and analysis report is available to view now.

Dh’iarr sinn bhur beachdan na bu thràithe am-bliadhna air ar dreachd Phlana Ghàidhlig 2022-2025. Tha an aithisg co-chomhairle agus anailis ri fhaicinn a-nis.

Consultation on the second iteration of Gaelic Language Plan 2023-2026

The second iteration of our Gaelic Language Plan has now gone through our internal decision making process and has been forwarded to Bòrd na Gàidhlig for their approval.

In line with the Gaelic Language (Scotland) Act 2005, as a listed authority, when preparing our plan, we must consult members of the public and our employees as part of the development of our Gaelic Language Plan.

The consultation will be open for six weeks from 17th January to 27th February 2022, to give sufficient time and opportunity for views to be made known.

We will consider the comments received and if necessary review the draft plan and incorporate any changes we deem appropriate.

Yes, any public authority who has or is likely to have a Gaelic Language Plan must conduct a public consultation.

Once our plan has been agreed by Bòrd na Gàidhlig, the Gaelic and English versions of the plan will be available to view on our website.

Plana Gàidhlig 2022 - 2025

Co-chomhairle air an dàrna eagran den Phlana Gàidhlig airson 2022-2025

Tha co-chomhairle air tòiseachadh air an dàrna eagran den Phlana Ghàidhlig againn.

A’ ruith bho 17 Faoilleach gu 27 Gearran 2022, tha sinn a’ toirt cuireadh do luchd-obrach, luchd-ùidh agus coimhearsnachdan air feadh na h-Alba innse dhuinn na bhiodh iad airson fhaicinn sa phlana mu dheireadh.

Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe traidisean is dualchas na h-Alba. Mar a tha buidhnean poblach eile ann an Alba, tha sinn a’ toirt taic do na h-amasan aig Bòrd na Gàidhlig le bhith a’ cur ri ruigsinneachd agus a bhith a’ brosnachadh Gàidhlig tron bhuidhinn againn air fad.

Tha an dreach Plana Gàidhlig againn na bhunait dhan dealas seo, agus chaidh a dheasachadh taobh a-staigh frèam Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Tha e furasta do bheachdan a thoirt dhuinn. Thoir sùil air an dreach plana agus freagair beagan cheistean.

Faodaidh tu fios a chur thugainn le ceistean no beachdan mun cho-chomhairle seo no lethbhreac clò-bhuailte den cho-chomhairle sa Bheurla no Gàidhlig a’ cleachdadh an fhios conaltraidh gu h-ìosal.

sgrìobh gu FREEPOST SFRS Communications, Scottish Fire and Rescue Service, Westburn Drive, Camas Long/Cambuslang, Glaschu G72 7NA

Ceistean àbhaisteach

A rèir Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, mar ùghdarras clàraichte, nuair a tha sinn ag ullachadh a’ phlana againn, feumaidh sinn co-chomhairle a chumail leis a’ phoball agus leis an luchd-obrach againn mar phàirt de bhith a’ cruthachadh a’ Phlana Ghàidhlig againn.

Bidh a’ cho-chomhairle fosgailte fad sia seachdainean bho 17mh Faoilleach gu 27th Gearran 2022, gus am bi tìde agus cothrom gu leòr aig daoine na beachdan aca a chur an cèill.

Beachdaichidh sinn air na beachdan a gheibhear, agus ma bhios e a dhìth, nì sinn ath-sgrùdadh air an dreachd plana, a’ cur a-steach atharrachadh sam bith a tha sinn a’ meas iomchaidh.

Tha, feumaidh ùghdarras poblach sam bith aig a bheil Plana Gàidhlig no a dh’fhaodadh Plana Gàidhlig a bhith aca co-chomhairle phoblach a dhèanamh.

An uair ’s gu bheil an plana againn air aontachadh le Bòrd na Gàidhlig, bidh na tionndaidhean Gàidhlig is Beurla den phlana rim faighinn air an làraich-lìn againn.